
le Cathy NicDhòmhnaill
Còmhradh, deasbad, cultur agus cur-seachadan le Cathy NicDhòmhnaill. Conversation, discussion, culture and lifestyle with Cathy MacDonald.
Le farpais na Euros sa Ghearmailt an-dràsta, tha sinn air a bhith cluinntinn bho fheadhainn aig a bheil eòlas air na difir bhailtean far a bheil an fharpais air a chumail, an-diugh cluinnidh sinn cò ris a tha baile Chologne coltach.
Tha an dealbhadair-aodaich, Sandra Mhoireach, air tilleadh à Milan far an robh i aig taisbeanadh Dolce & Gabbana Alta Moda.
Agus buinidh cèiliche na seachdain, Tormod Macleòid, do bhaile Phort Mholair ann an sgìre an Rubha ann an Leòdhas far a bheil e air a bhith a' ruith bhùithtean airson iomadh bliadhna. An toiseach bha e a' falbh le bhan air feadh na sgìre agus e a-nise na stiùiriche air bùth choimhearsnachd an Rubha, far a bheil e ag obair gu saor-thoileach.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Wed 19 Jun 202409:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 19 Jun 202422:30BBC Radio nan Gàidheal