
Le Cathy NicDhòmhnaill
Còmhradh, deasbad, cultur agus cur-seachadan le Cathy NicDhòmhnaill. Conversation, discussion, culture and lifestyle with Cathy MacDonald.
Cluinnidh sinn bho Patsi NicChoinnich carson a tha iomairt taghaidh na Frainge air a bhith cho connspaideach.
Nì Rhoda NicDhòmhnaill lèirmheas air an taisbeanadh 'Fragile Beauty' a tha ri fhaicinn sa V&A ann a Lunnainn; taghadh de dheilbh-chamara a bhuineas do Elton John agus Daibhidh Furnish.
Le farpais na Euros sa Ghearmailt an-dràsta, tha sinn air a bhith cluinntinn bho fheadhainn aig a bheil eòlas air na difir bhailtean far a bheil an fharpais air a chumail, an-diugh cluinnidh sinn cò ris a tha baile Stuttgart coltach.
Agus aig an àm seo dhen bhliadhna tha gu leòr ro thoilichte a bhith a' seasamh air bruaichean lochan neo aibhnichean, neo ann am bàta le slat nan làimh. Còmhla rinn an-diugh tha triùir nach iarradh an còrr ach a bhith a' cur seachad uairean a thìde neo dhà ag iasgach. Gheibh sinn comhairle bhuapa mu na cleachdaidhean a th' aca fhèin a tha a' dèanamh là le slat soirbheachail.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Thu 20 Jun 202409:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 20 Jun 202422:25BBC Radio nan Gàidheal