
le Cathy NicDhòmhnaill
Còmhradh, deasbad, cultur agus cur-seachadan le Cathy NicDhòmhnaill. Conversation, discussion, culture and lifestyle with Cathy MacDonald.
Tha ceistean gu leòr dhan togail mu thaghadh Ameireaga, ach a bheil slàinte a' chinn-suidhe Biden nam measg? Le iomraidhean agus bhidiothan air a' chuspair a' cuairteachadh Biden air na meadhanan sòisealta, tha Mìcheil MacAoidh a' mìneachadh dhuinne mar a tha meadhanan Ameireaga a' làimhseachadh na ceist.
Chaidh an t-Oll Dòmhnall Uilleam Stiùbhart a dh'Albainn Nuadh o chionn ghoirid air turas inntinneach tro eachdraidh nan Gàidheal sa sgìre, agus e ag ionnsachadh mu sheann bhaile bàn cuideachd.
Agus leis a' naidheachd gu bheil barrachd dhaoine na riamh roimhe a' seachnadh na naidheachdan, tha Cathy a' còmhradh ri còignear mun chuspair: Iona NicDhaibhidh agus Dòmhnall Uilleam 'Ryno' MacGilleMhoire air mar a tha iad fhèin a' cleachdadh agus a' lorg naidheachdan; agus a' beachdachadh air mar a fhreagras craoladairean is luchd-naidheachd na dùbhlain tha Murray MacLeòid bho Ghaseat Steòrnabhaigh, Shona NicEanraig bho BBC Naidheachdan, agus Tormod MacLeòid bho STV.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Tue 18 Jun 202409:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 18 Jun 202422:25BBC Radio nan Gàidheal