
le Cathy NicDhòmhnaill
Tha luaidh ga dhèanamh air Ian Green a chruthaich a' chompanaidh clàraidh ainmeil, Greentrax. Musicians pay tribute to the late Ian Green of Greentrax Records.
Tha luaidh ga dhèanamh air Ian Green a chaochail ann an Dùn Èideann 's a chuir cho mòr ri ceòl traidiseanta an Alba. B' e a chruthaich a' chompanaidh clàraidh ainmeil, Greentrax. Dh'fhoillsich Greentrax na ceudan mòra chlàran thairis air faisg air 40 bliadhna agus thug Ian Green taic do mhòran luchd-ciùil Gàidhlig. Cluinnidh sinn bho chuid dhiubh.
Tha Coinneach MacLeòid, a bhios a' cruinneachadh agus a' reic irisean is leabhraichean, air ais còmhla rinn le sùil air an iris Eilean an Fhraoich. Nochd a' chiad iris, fo stiùir Gasaet Steòrnabhaigh, ann an 1951. Tha Coinneach a' deànamh an taghadh mu dheireadh aige de chriomagan is aithrisean a tharraing aire.
'S e Iain Tormod MacLeòid, cèiliche na seachdain. 'S ann às A' Ghlais-pheighinn, baile beag ann a Stafainn, san Eilean Sgiathanach a tha Iain Tormod. Bha e na thidsear eachdraidh, na Leas-phrionnsabal agus na Stiùiriche Foghlam aig Sabhal Mòr Ostaig. Tha e dèidheil air ball-coise agus air a bhith a' falbh ann a campervan!
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Wed 13 Mar 202409:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 13 Mar 202422:25BBC Radio nan Gàidheal