
le Cathy NicDhòmhnaill
Air Là Eadar-nàiseanta Bìdh nan Sgoiltean, dè chuimhne a th' agaibhse air biadh na sgoile? Guests reminisce on canteen dinners on International School Meals Day.
Cèic agus custard, mions agus buntàta - a robh iad sin air clàr bìdh na sgoile agaibhse? Air Là Eadar-nàiseanta Bìdh nan Sgoiltean, tha sinn a’ coimhead air ais air diathadan na sgoile. Cluinnidh sinn bho dhithis a bha ag obair ann an canteen sgoile agus bho the a bha na tidsear.
Thàinig èirigh neo-àbhaisteach air an abhainn Severn ann an Sasainn an t-seachdain sa, 's daoine fiù a' surfadh air a' làn. Dè a th' air a chùl agus a bheil àitichean an Alba far am faic sinn a leithid? Tha an t-eòlaiche-saidheans, Iain MacAonghais ann an còmhradh ri Cathy.
Cha robh faisg uimhir ga chosg ann am bùithtean, taighean-bìdh is eile thairis air a' ghreis a chaidh seachad a rèir na h-àireamhean as ùire bho Oifis na Stadastaig Nàiseanta. Ach dè na rudan nach eil sibhse deònach a leigeil seachad, a dh'aindeoin cho cosgail 's a tha gnothaichean?
Na smaoinich sibh a-riamh air cò às a thàinig a liuthad rud a tha mu chuairt oirbh san dachaigh? Gach Diardaoin, tha Alasdair MacLeòid a' toirt sùil sùil air an eachdraidh annasach, iongantach a th' aig iomadh nì am broinn an taigh. An-diugh - forcaichean, spàinean agus na nithean leòmach a bhiodh air bòrd nan uaislean!
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Thu 14 Mar 202409:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 14 Mar 202422:25BBC Radio nan Gàidheal