
An Dr Iain Mac a' Ghobhainn
3/3 An Dr Iain Mac A' Ghobhainn a' seanchas ri Jo NicDhòmhnaill mu bheatha na dhotair teaghlaich. Dr John Smith in conversation with Jo MacDonald about his life as an island GP.
B’ ann air an teilidh, uaireigin sna trì ficheadan, a chunnaic Jo NicDhòmhnaill an Dr Iain Mac a’ Ghobhainn an toiseach. Cha robh air ach paidhir pyjamas agus bha e na shuidhe air ciste-teatha! Bha adhbhar airson sin, mar a chuala sinn, nach robh idir co-cheangailte na dhreuchd mar dhotair teaghlaich. A bharrachd air a bhith na dhotair tha Iain Mac a’ Ghobhainn air mòran a chur ri soirbheachas An Lanntair, an t-ionad ealain ann a Steòrnabhagh, agus tha e aithnichte am measg phìobairean mar eòlaiche agus mar bhritheamh, ’s chan eil a sin ach cuspair no dhà air an tug e fhèin 's Jo tarraing sa chòmhradh a bh' aca thairis air na trì prògraman san t-sreath.
Sa phrògram mu dheireadh, tha e ag innse mar a bha cùisean a thaobh Seirbhis na Slàinte nuair a thill e dhan eilean agus seanchas èibhinn na dhà mu bheatha na dhotair. Cluinnidh sinn cuideachd mar a chaidh e an luib saoghal pìobaireachd, mu sheòladh agus mu obair an cois An Lanntair.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Mon 11 Mar 202415:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 13 Mar 202420:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 17 Mar 202410:00BBC Radio nan Gàidheal
- Fri 27 Dec 202408:30BBC Radio nan Gàidheal