
An Dr Iain Mac a' Ghobhainn
2/3 An Dr Iain Mac A' Ghobhainn a' seanchas ri Jo NicDhòmhnaill mu bheatha na dhotair teaghlaich. Dr John Smith in conversation with Jo MacDonald about his life as an island GP.
B’ ann air an teilidh, uaireigin sna trì ficheadan, a chunnaic Jo NicDhòmhnaill an Dr Iain Mac a’ Ghobhainn an toiseach. Cha robh air ach paidhir pyjamas agus bha e na shuidhe air ciste-teatha! Bha adhbhar airson sin, mar a chuala sinn, nach robh idir co-cheangailte na dhreuchd mar dhotair teaghlaich. A bharrachd air a bhith na dhotair tha Iain Mac a’ Ghobhainn air mòran a chur ri soirbheachas An Lanntair, an t-ionad ealain ann a Steòrnabhagh, agus tha e aithnichte am measg phìobairean mar eòlaiche agus mar bhritheamh, ’s chan eil a sin ach cuspair no dhà air an tug e fhèin 's Jo tarraing sa chòmhradh a bh' aca thairis air na trì prògraman san t-sreath.
San dàrna prògram, tha e ag innse mu bhuille uabhasach a dh'fhulaing an teaghlach aige nuair a bha e fhèin sa bhliadhna mu dheireadh san oilthigh, cluinnidh sinn mar a chaidh e a dh'obair dhan Ghearsdan, Middlesborough agus dhan eilean Sgitheanach. Gheibh sinn a-mach cuideachd carson a thill e a Shasainn às dèidh dha pòsadh agus na thug orra tilleadh dhachaigh a Leòdhas, far a robh e na dhotair teaghlaich iomadh bliadhna às dèidh sin.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Mon 4 Mar 202415:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 6 Mar 202420:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 10 Mar 202410:00BBC Radio nan Gàidheal
- Christmas Eve 202408:30BBC Radio nan Gàidheal