
Èirisgeigh ann an 1986
Angela NicFhionghuin le turas dhachaigh a dh' Èirisgeigh a chlàr i dha Càil san Amharc ann an 1986. Angela MacKinnon chooses a programme to mark a century of Gaelic broadcasting.
Tha 100 bliadhna ann bho chaidh a' Ghàidhlig a chraoladh air a' BhBC airson a' chiad uair. Agus gus sin a chomharrachadh, tha craoladairean BBC Radio nan Gàidheal a' là an-diugh air a bhith a' toirt thugainn taghadh de phrògraman a bha cho làidir 's gun tug iad orra stad 's èisteachd gu dlùth gu deireadh a' phrògraim, ann an Chuala Mi.
Buinidh Angela NicFhionghuin do dh'Èirisgeigh; eilean beag le dualchas is fèin-aithne air leth làidir. Tha i an-diugh na riochdaire aig Radio nan Gàidheal ann an Steòrnabhagh; ach tha i gar toirt air ais gu eilean a h-àraich ann an 1986 sa phrògram a thagh i fhèin. Son a' chiad phrògram slàn a lìbhrig i de Chàil San Amharc, chaidh i a chèilidh air corra Èirisgeach air turas dhachaigh dhan eilean, a seanmhair fhèin nam measg.
Ann an còmhraidhean coibhneil, faisg, agus blàth, tha coimhearsnachd, cainnt, is dòigh-beatha nan eileanach air a dheagh thaisbeanadh. Agus 's math as fhiach dhuinne tilleadh cuide rithe a dh'Èirisgeigh agus èisteachd ris a' phrògram - mar dheagh eisimpleir dhen dòigh sa bheil craoladh Gàidhlig air a bhith a' riochdachadh agus a' ruigsinn ar coimhearsnachdan thairis air iomadach bliadhna.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Mon 22 Jan 202415:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 24 Jan 202420:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 28 Jan 202410:00BBC Radio nan Gàidheal