
Sgeulachdan Dhòmhnaill Phàdraig
'S iad sgeulachdan Dhòmhnaill Phàdraig à Aileag a thagh Jo NicMhèinn às an tasglann. Joanna MacMinn chooses a programme from the archives to mark 100 years of Gaelic broadcasting.
Le 100 bliadhna ann bho chaidh a' Ghàidhlig a chraoladh air a' BhBC airson a' chiad uair, tha craoladairean BBC Radio nan Gàidheal a' là an-diugh a' dèanamh taghadh de phrògraman dhuinn ann an Chuala Mi.
'S iad sgeulachdan cloinne bhon phrògram Aileag a thagh Jo NicMhèinn às an tasglann dhuinn son a' phrògram mu dheireadh san t-sreath.
Aig toiseach nan 90an, leugh Flòraidh NicIllEathain, nach maireann, Sgeulachdan Dhòmhnaill Phàdraig do chloinn air feadh na rìoghachd air a' phrògram Aileag. B' i Seonag Monk a sgrìobh iad, agus thug guthan Flòraidh iad beò dhuinn - eadar Dòmhnall Phàdraig fhèin, am balach beag a bha an-còmhnaidh an-sàs ann an amaideas is plòigh, agus na tidsearan, caraidean, is caractaran eile a bha mun cuairt air.
Tha cuimhne mhath aig Jo orra mar eisimpleir air cho eirmseach, inntinneach, tarraingeach is a dh'fhaodadh rèidio agus craoladh Gàidhlig a bhith. Agus nach math an cothrom èisteachd ri deagh sgrìobhadh is deagh aithris an-diugh - is iad a cheart cho èibhinn is a bha iad nuair a chaidh an craoladh an toiseach.
Last on
Broadcasts
- Mon 29 Jan 202415:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 31 Jan 202420:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 4 Feb 202410:00BBC Radio nan Gàidheal