
Geamannan nan Eilean 2015
Thagh Alasdair MacIllFhinnein Spòrs na Seachdain aig Geamannan nan Eilean às an tasglann. Alasdair MacLennan's choice of programme to mark a century of Gaelic broadcasting.
Tha 100 bliadhna ann bho chaidh a' Ghàidhlig a chraoladh air a' BhBC airson a' chiad uair. Agus gus sin a chomharrachadh, tha craoladairean BBC Radio nan Gàidheal a' là an-diugh a' dèanamh taghadh de phrògraman a bha cho làidir 's gun tug iad orra stad 's èisteachd gu dlùth gu deireadh a' phrògraim.
Chan eil ach naoi bliadhna bho rinn sgioba nan Eilean Siar math dha-rìribh aig Geamannan Eadar-nàiseanta nan Eilean ann an Jersey ann an 2015 - agus bha sgioba Spòrs BBC Radio nan Gàidheal ag aithris às. Chuala Alasdair MacIllFhinnein, a tha an-diugh na chraoladair spòrs, am prògram agus 's e a chòrd ris - is tha e a' toirt dhuinn cothrom eile èisteachd ri còmhraidhean far a bheil pròis agus soirbheachas nan eileanach ann an Jersey a' tighinn tarsainn.
Eadar farpaisich agus luchd-aithris, deagh eisimpleir dhen dòigh sa bheil spòrs a-nise na phàirt dheatamach de chraoladh na Gàidhlig - agus deagh eisimpleir cuideachd de phrògram far a bheil plòigh agus obair chruaidh nan lùth-chleasaichean taobh ri taobh.
Last on
Broadcasts
- Mon 15 Jan 202415:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 17 Jan 202420:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 21 Jan 202410:00BBC Radio nan Gàidheal