
Cànan Ar Dùthcha
A' comharrachadh 100 bliadhna de chraoladh Gàidhlig le taghaidhean air leth às an tasglann.
San Dùbhlachd, bha 100 bliadhna ann bho chaidh a' Ghàidhlig a chraoladh air a' BhBC airson a' chiad uair. Agus gus sin a chomharrachadh, tha craoladairean BBC Radio nan Gàidheal a' là an-diugh a' dèanamh taghadh de phrògraman a bha cho làidir 's gun tug iad orra stad 's èisteachd gu dlùth gu deireadh a' phrògraim.
Ann an 2004, chaidh Dòmhnall MacLeòid air chuairt air feadh na Gàidhealtachd - gu sgìrean far an robh a' Ghàidhlig air crìonadh mar chànan làitheil na coimhearsnachd - anns an t-sreath Cànan Ar Dùthcha. 'S e am prògram a chlàr e ann an Cataibh a thagh Màirianna NicChoinnich, riochdaire aig Radio nan Gàidheal, mar phrògram a thug oirre fhèin stad agus èsiteachd. Prògram a tha air leth inntinneach mar shealladh air atharrachadh cànain is coimhearsnachd; ach prògram air leth duilich cuideachd, oir gu bheil e a' cur an cèill dhuinn crìonadh na Gàidhlig ann an sgìrean far am b' àbhaist dhi a bhith cho làidir.
Sealladh iongantach agus prògram as math as fhiach èisteachd ris a-rithist, fichead bliadhna às dèidh dha bhith air a chraoladh an toiseach.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Mon 8 Jan 202415:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 10 Jan 202420:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 14 Jan 202410:00BBC Radio nan Gàidheal