
le Cathy NicDhòmhnaill
Còmhradh, deasbad, cultur agus cur-seachadan. Conversation, discussion, culture and lifestyle.
Tha Caisteal Àird Rois anns a’ Ghàidhealtachd a' tarraing aire a' mhòr-shluaigh an-dràsta oir tha e ri fhaicinn gach seachdain air an telebhisean. Bheir Pàdraig MacAmhlaigh dhuinn eachdraidh a’ chaisteil anns a bheil an t-sreath ùr dhen a' phrògram The Traitors, a tha Claudia Winkleman a' preasantadh, stèidhte.
Air làithean fuar, reòite, geamhrachail, dè as fheàrr na truinnsear brot airson ar biathadh 's ar blàthachadh? Tha Ùisdean MacLeòid gu bhith a' moladh reasabaidhean gach seachdain air a' mhìos a tha romhainn. An-diugh brot tradaiseanta na h-Alba.
Choisinn cèiliche na seachdain-sa MBE ann a' Liosta Urraman na Bliadhna Ùire na bliadhna-sa. 'S ann à Miabhaig na Hearadh a tha Malina NicLeòid ged a tha i a' fuireach ann an Uibhist a Tuath an-diugh far an robh i na banaltram ann an Ospadal Uibhist agus Bharraigh airson iomadh bliadhna.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Wed 10 Jan 202409:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 10 Jan 202422:25BBC Radio nan Gàidheal