
Shipping Forecast @ 100
A' comharrachadh ceud bliadhna bho chaidh an Shipping Forecast a chraoladh air an radio an toiseach. Celebrating 100 years since the Shipping Forecast was first broadcast on radio.
Cothrom eile èisteachd ri prògram a tha a' comharrachadh gu bheil ceud bliadhna bho chaidh an Shipping Forecast aithris air an radio an toiseach.
Gheibh sinn eachdraidh an neuladair, Robert Fitzroy, a tha aithnichte airson buidheann a stèidheachadh a bha a' rannsachadh na h-aimsire 's a' dèanamh ro-innseadh air dè an seòrsa aimsire a bha gu bhith ann, buidheann air a bheil Oifis a' Mhet an-diugh. 'S e Fitzroy a thòisich a' cleachdadh am facal 'forecast' agus a chruthaich siostam airson fiosrachadh a chumail ri maraichean mun aimsir.
Cluinnidh sinn cuideachd bho sheòladairean agus iasgairean mu cho deatamach 's a bha an Shipping Forecast dhaibhsan.
Bheir Dòmhnall Meek dhuinn eisimpleirean de bhàrdachd co-cheangailte ris a' Shipping Forecast agus cluinnidh sinn cuideachd e ag aithris bàrdachd a sgrìobh e fhèin .
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Tue 9 Jan 202409:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 9 Jan 202422:25BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 8 Jan 202509:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 8 Jan 202522:25BBC Radio nan Gàidheal