
le Cathy NicDhòmhnaill
Dè a' bhuaidh a bhios aig riaghailtean ùra son làraich a tha reic ghnothaichean air-loidhne? How will new HMRC rules affect digital sites such as eBay, Vinted and AirBnB?
B' i Claudine Gay a' chiad cheannard dubh a bha riamh air Oilthigh ainmeil Harvard ann an Aimeireagaidh. Ach tha i air an dreuchd a' leigeil seachad an dèidh direach sia mìosan. Tha Mìcheal MacAoidh, a tha tàmh ann an Virginia, ag innse mun chonnspaid a tha dol mun a sin.
Tha am bana thuathanach Rosamund Young air leabhar ùr a' sgrìobhadh - The Wisdom of Sheep and Other Animals. Shoirbhich gu mòr leis an leabhar mu dheireadh aice - The Secret Life of Cows. Cò ris a tha an leabhar ùr coltach? Tha Tom MacIll'Fhinnein, a bhios a' trusadh chaorach e fhèin, air a bhith ga leughadh!
Am bi sibh a' reic stuth air eBay, Etsy neo Vinted neo bheil dachaigh agaibh air Air BnB? Ma tha, dh'fhaodadh gun toir riaghailtean ùra buaidh oirbh a thaobh chìsean. Tha sinn a' cluinntinn bhon chunntasair Faye NicLeòid agus bho Muriel Urchardan a bhios a' cleachdadh làraich-reic.
Tha 130 bliadhna ga chomharrachadh bhon a chaidh a' chompanaidh Barbour a stèidheachadh. Tha an dealbhaiche-aodaich, Sandra Mhoireach a' toirt sùil air eachdraidh Barbour agus air na seacaidean air a bheil uimhir de mhiann, chan ann a-mhàin air an tuath ach air àrd-ùrlaran an fhasain.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Thu 11 Jan 202409:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 11 Jan 202422:25BBC Radio nan Gàidheal