
Aileag a' Cuimhneachadh na h-Iolaire
'S e clann-sgoile ag innse mu chall na h-Iolaire a thagh Karen Mhoireasdan às an tasglann. Karen Morrison chooses a programme to mark 100 years of Gaelic broadcasting.
Tha 100 bliadhna ann air a' mhìos sa bho chaidh a' Ghàidhlig a chraoladh air a' BhBC airson a' chiad uair. Agus gus sin a chomharrachadh, tha craoladairean BBC Radio nan Gàidheal a' là an-diugh a' dèanamh taghadh de phrògraman a bha cho làidir 's gun tug iad orra stad 's èisteachd gu dlùth gu deireadh a' phrògraim.
'S e prògram Aileag bho 2019 a thagh Karen Mhoireasdan, riochdaire aig Radio nan Gàidheal. 'S ann air Aileag a thòisich Karen ag obair aig a' BhBC, prògram chloinne a thug sùil ann an 2019 air Call na h-Iolaire. Rinn clann air feadh Leòdhais is na Hearadh rannsachadh air an tubaist gus 100 bliadhna bhon tubaist uabhasach sa a chomharrachadh. Agus thug am prògram a rinn Aileag, a' bruidhinn ris a' chlann sin mun càirdean a chailleadh, buaidh làidir air Karen - agus 's e sin am prògram a tha ise a' toirt dhuinn airson a chluinntinn às ùr.
Prògram air leth cumhachdach, le cuspair is sgeulachdan duilich ann an eachdraidh nan Gàidheal air a lìbhrigeadh dhuinn gu h-ealanta tro bhriathran chloinne a' latha an-diugh.
Last on
Broadcasts
- Mon 11 Dec 202315:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 13 Dec 202320:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 17 Dec 202310:00BBC Radio nan Gàidheal