
Bàrr a' Bhaile
'S e prògram de dh' òrain às a' Bhaile Shear a thagh Màiri NicMhathain às an tasglann. Marie Matheson chooses a programme from the archive to mark 100 years of Gaelic broadcasting.
Tha 100 bliadhna ann air a' mhìos sa bho chaidh a' Ghàidhlig a chraoladh air a' BhBC airson a' chiad uair. Agus gus sin a chomharrachadh, tha craoladairean BBC Radio nan Gàidheal a' là an-diugh a' dèanamh taghadh de phrògraman a bha cho làidir 's gun tug iad orra stad 's èisteachd gu dlùth gu deireadh a' phrògraim.
'S e prògram de dh' òrain neo-fhoillsichte às a' Bhaile Shear a thagh Màiri NicMhathain às an tasglann - Bàrr a' Bhaile, le Linda NicLeòid. Buinidh Linda fhèin do dh' Uibhist a' Tuath, agus sa phrògram inntinneach sa tha i a' taisbeanadh dhuinn agus a' seinn nan òran àlainn a chaidh a chruinneachadh - agus nach deach fhoillseachadh - às a' Bhaile Shear, mar phàirt dhen rannsachadh aice aig Oilthigh Ghlaschu.
Agus mar a tha Màiri fhèin ag innse dhuinn, thug am prògram stad oirre fhèin nuair a chuala i fhèin e - agus ceangal teaghlaich aice ri fear dha na h-òrain anns a' phrògram. 'S math as fhiach e cothrom eile ghabhail èisteachd ri cruinneachadh luachmhor de bhàrdachd a' Bhaile Shear às ùr.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Mon 4 Dec 202315:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 6 Dec 202320:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 10 Dec 202310:00BBC Radio nan Gàidheal