
Slàinte - Tinneas Crohn
'S e prògram mu na tha fulang le tinneas Crohn a thagh Emma NicLaomainn às an tasglann. Emma Lamont chooses a programme from the archive to mark 100 years of Gaelic broadcasting.
San Dùbhlachd, bidh 100 bliadhna ann bho chaidh a' Ghàidhlig a chraoladh air a' BhBC airson a' chiad uair. Agus gus sin a chomharrachadh, tha craoladairean BBC Radio nan Gàidheal a' là an-diugh a' dèanamh taghadh de phrògraman a bha cho làidir 's gun tug iad orra stad 's èisteachd gu dlùth gu deireadh a' phrògraim.
Chuala Emma NicLaomainn Slàinte ann an 2013 - sreath ghoirid far an robh Moira NicIllEathain a' togail air tinneasean eadar-dhealaichte anns gach prògram, agus a' toirt sùil mhionaideach orra le eòlaichean agus le feadhainn air a bheil neo air a robh an tinneas. Thug aon phrògram gu sònraichte stad air Emma, prògram mu dhèidhinn tinneas Crohn.
Anns a' phrògram tha Moira a' bruidhinn ri triùir: Coinneach MacNeacail agus Donnchadh Dòmhnallach air a bheil an tinneas, agus Chrisma NicDhòmhnaill a tha air leigheas ùr fhaighinn. Tha e na dheagh eisimpleir, mar a tha Emma ag innse dhuinn, dhen dòigh sa bheil rèidio air a bhith na mheadhan air iomadach cuspair a làimhseachadh ann an dòigh cumhachdach.
Last on
More episodes
Previous
Next
Broadcasts
- Mon 27 Nov 202315:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 29 Nov 202320:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 3 Dec 202310:00BBC Radio nan Gàidheal