
Coinnicheamaid - Calum an Ùigich
'S e agallamh le Calum an Ùigich bho 1981 a thagh Angela NicIllEathain às an tasglann. Angela MacLean chooses a programme from the archive to mark 100 years of Gaelic broadcasting.
San Dùbhlachd, bidh 100 bliadhna ann bho chaidh a' Ghàidhlig a chraoladh air a' BhBC airson a' chiad uair. Agus gus sin a chomharrachadh, tha craoladairean BBC Radio nan Gàidheal a' là an-diugh a' dèanamh taghadh de phrògraman a bha cho làidir 's gun tug iad orra stad 's èisteachd gu dlùth gu deireadh a' phrògraim.
Tha Angela NicIllEathain a' taghadh còmhradh eadar Dòmhnall Ruadh Mac a' Ghobhainn agus Calum MacLeòid, Calum an Ùigich, a chaidh a chraoladh ann an 1981. Bha Angela eòlach air Calum na nighean òg, agus i a-mach is a-steach às an taigh aige. Ach cha b' aithne dhith na dh' fhuiling e sa chogadh, mar phrìosanach ann am Burma aig na Iapanaich, gus an cuala i am prògram sònraichte sa.
Sgeulachd iongantach de dhuine a bha, dha Angela, na nàbaidh, ach a chaidh tro dhùbhlain nach tuig sinne an-diugh ach le bhith ag èisteachd air ais ri facail Chaluim.
Last on
Broadcasts
- Mon 20 Nov 202315:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 22 Nov 202320:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 26 Nov 202310:00BBC Radio nan Gàidheal