Main content
Sorry, this episode is not currently available

Lorgan M' Òige

Lorgan M' Òige, prògram a thug air Niall Iain Dòmhnallach stad ann an 2003. Niall Iain MacDonald's choice from the archive to mark 100 years of Gaelic broadcasting.

San Dùbhlachd, bidh 100 bliadhna ann bho chaidh a' Ghàidhlig a chraoladh air a' BhBC airson a' chiad uair. Agus gus sin a chomharrachadh, tha craoladairean BBC Radio nan Gàidheal a' là an-diugh a' dèanamh taghadh de phrògraman a bha cho làidir 's gun tug iad orra stad 's èisteachd gu dlùth gu deireadh a' phrògraim.

Tha Niall Iain Dòmhnallach air prògram a thaghadh a thug air fhèin stad nuair a chuala e e son a' chiad uair - Lorgan M' Òige, prògram a rinn athair, Màrtainn Dòmhnallach, ann an 2003. Tha am prògram na shealladh pearsanta air òige Mhàrtainn san Eilean Sgitheanach, air a sgrìobhadh gu h-eirmseach, gu h-inntinneach, agus gu h-ealanta.

Ach mar a tha Niall Iain a' mìneachadh, bha e cuideachd na chothrom dha fhèin rudan ionnsachadh mu athair agus mu theaghlach nach b' aithne dha gun cuala e am prògram.

30 minutes

Last on

Sun 19 Nov 202310:00

Broadcasts

  • Mon 13 Nov 202315:30
  • Wed 15 Nov 202320:00
  • Sun 19 Nov 202310:00