
Àm na Beannachd
Àm na Beannachd, prògram a chuala is a thug stad air Krisell Dhòmhnallach ann an 2016. Krisell MacDonald's choice from the BBC archive marking 100 years of Gaelic broadcasting.
San Dùbhlachd, bidh 100 bliadhna ann bho chaidh a' Ghàidhlig a chraoladh air a' BhBC airson a' chiad uair. Agus gus sin a chomharrachadh, tha craoladairean BBC Radio nan Gàidheal a' là an-diugh a' dèanamh taghadh de phrògraman a bha cho làidir 's gun tug iad orra stad 's èisteachd gu dlùth gu deireadh a' phrògraim.
Tha Krisell Dhòmhnallach air prògram a thaghadh a chaidh a chraoladh an toiseach ann an 2016. Ann an Àm na Beannachd, le Catrìona Mhoireach, bha i ann an còmhradh ri Mairead NicLeòid bhon chòmhlan Na h-Òganaich mun dàimh is an càirdeas a dh'èirich eadar an còmhlan agus Murchadh MacPhàlain, Bàrd Mhealaboist.
Cha robh Krisell ach naoi bliadhna deug nuair a chuala i an toiseach e ach le ceòl, bàrdachd, agus còmhradh air leth blàth is càileir eadar Mairead agus Catrìona, 's math as fhiach e dhuinn beagan dheth a chluinntinn às ùr.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Mon 6 Nov 202315:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 8 Nov 202320:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 12 Nov 202309:30BBC Radio nan Gàidheal