
Saoghal Catrìona Iain Òig
'S e còmhradh eadar Fionnlagh MacLeòid agus Catrìona NicIlleMhoire a thagh Calum MacFhionghain. Calum MacKinnon chooses a programme to mark Gaelic broadcasting's centenary.
Tha 100 bliadhna ann air a' mhìos sa bho chaidh a' Ghàidhlig a chraoladh air a' BhBC airson a' chiad uair. Agus gus sin a chomharrachadh, tha craoladairean BBC Radio nan Gàidheal a' là an-diugh a' dèanamh taghadh de phrògraman a bha cho làidir 's gun tug iad orra stad 's èisteachd gu dlùth gu deireadh a' phrògraim.
'S ann a' làimhseachadh agus a' stiùireadh tasglann Radio nan Gàidheal as àbhaist do Chalum MacFhiongain a bhith - agus mar sin tha e gu math eòlach air na stòrasan iongantach a tha rin lorg ann. Ach 's e prògram le ceangal pearsanta a thagh e. Chaidh Saoghal Catrìona Iain Òig a chlàradh ann an 2006, sreath phrògraman far an robh an Dr Fionnlagh MacLeòid nach maireann a' còmhradh ri Catrìona NicIlleMhoire mu na chuala i bho a seanmhair, Catrìona Iain Òig, Catrìona NicLeoid.
Anns a' phrògram sa - an treas fear san t-sreath Saoghal Catrìona Iain Òig - tha an còmhradh a' gluasad eadar àirneis taighe a seanmhair, agus mar a bhathas a' dèiligeadh ri call sa chogadh. Còmhradh pearsanta, ann an Gàidhlig air leth glan agus càileir, còmhradh a dh' fhan an cuimhne Chaluim air na h-adhbharan sin, agus gu bheil a phiuthair pòsta aig gille Chatrìona NicIlleMhoire cuideachd.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Mon 18 Dec 202315:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 20 Dec 202320:00BBC Radio nan Gàidheal
- Christmas Eve 202310:00BBC Radio nan Gàidheal