
còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill
Iain Caimbeul agus Murchadh MacLeòid le sùil air colbhan-beachd pàipearan na Bliadhn' Ùire. Iain Campbell and Murdo MacLeod review the New Year's newspaper columns.
Tha Iain Caimbeul agus Murchadh MacLeòid a' toirt sùil tro cholbhan-beachd nam pàipearan-naidheachd bho làithean na Bliadhn' Ùire.
Agus tha Murchadh Moireach a' tadhal air Cathy mar a' chiad cèiliche dhen bhliadhna. Chuir Murchadh 30 bliadhna de bheatha obrach seachad mar einnseanair-togalach. Bha e na Cheannard air Roinn Teicnigeach Chomhairle nan Eilean Siar airson aona bliadhna deug dhiubh sin. An-diugh, tha e ag obair air a cheann fhèin mar eòlaiche air na dòighean as fheàrr air dachaighean a chumail seasgair, blàth agus èifeachdach a thaobh cumhachd, ach a seo tha e ag innse mu òige air tìr-mòr na h-Alba agus a bheatha taobh a-muigh na h-obrach.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Wed 4 Jan 202309:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 4 Jan 202322:25BBC Radio nan Gàidheal