
còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill
A' cuimhneachadh air Vivienne Westwood, a dàimh ri Alba agus a ceangal ris a' Chlò Hearach. Remembering Vivienne Westwood, her affection for Scotland and her love of Harris Tweed.
Aig toiseach bliadhna ùr, tha sinn a' faighinn comhairle bhon eòlaiche-ionmhais Dòmhnall Màrtainn mu dòighean air airgead a shàbhaladh.
Air an 21mh là dhen mhìos seo, bidh tachartas mòr aig Àrd-eaglais Ghlaschu a' toirt suil air sgeulachd is àite na Gàidhlig 's na Gàidheil anns a' bhaile. Tha sinn a' cluinntinn mu na bhios a' tachairt agus carson.
Tha sinn a' cuimhneachadh air an dealbhaiche aodaich ainmeil Vivienne Westwood, a chaochail an t-seachdain a chaidh, 's gu h-àraid mun cheangal làidir a bh' aice ri Alba agus ris a' Chlò Hearach.
Tha Aonghas Pàdraig Caimbeul a' leantainn air le sreath a' coimhead air pìosan bàrdachd ainmeil. An-diugh tha e a' taghadh dàin Li Po (701-762) - bàrd Sìneach agus a' coimhead air an diofar eadar bàrdachd Sìneach ( agus Iapanach ) seach bardachd Eòrpach is An Taobh Siar.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Thu 5 Jan 202309:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 5 Jan 202322:25BBC Radio nan Gàidheal