
còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill
Cuairt timcheall taisbeanadh ann an Dùn Èideann. Cathy and guests tour Glean; an exhibition of 20th Century women filmmakers and photographers at the City Art Centre in Edinburgh.
'S iomadh boireannach a shiubhal tro Alba le camara 's mu nach cuala sinn mòran, ach tha taisbeanadh ri fhaicinn an-dràsta ann an Dùn Èideann a tha a' sealltainn obair ceathrar bhoireannach deug a bha a' togail dhealbhan tràth san 20mh linn.
Chaidh na dealbhan a tharraing air feadh Alba, ach gu h-àraid air Ghàidhealtachd 's anns na h-eileanan. Tha cuid de na boireannaich, mar Mairead Fay Shaw meadhanach ainmeil agus feadhainn eile mu nach cuala sinn mòran a-riamh mar Christina Broom agus Helen Biggar.
A thuilleadh orrasan, tha dealbhan is filmichean le Violet Banks, M.E.M Donaldson, an Dr Beatrice Garvie, Jenny Gilbertson, Isabel Frances Grant, Ruby Grierson, Marion Grierson, Isobel Wylie Hutchison, Johanna Kissling, Isabell Burton-MacKenzie agus Mairead Watkins ri fhaicinn.
An-diugh, tha Cathy a' dol mu chuairt an taisbeanaidh Glean aig Ionad Ealain Baile Dhùn Èideann. Na cois, tha an ealanaiche Déirdre Ní Mhathúna; an cleasaiche, seinneadear is an sgrìobhaiche, Dolina NicIllFhinnein; an comhairliche eachdraidh is cultar Ciorstaidh NicDhòmhnaill agus an t-Àrd-ollamh Ùisdean Cheape aig a bheil sàr-eòlas air cultar dùthchasach agus eachdraidh na Gàidhealtachd.
Tha sinn a' cluinntinn mar a shiubhal Isabel Frances Grant air feadh na Gàidhealtachd, a' togail dhealbhan de thaighean-tughaidh is àirighean 's mar a chaidh i air adhart às a sin gus Am Fasgadh a stèidheachadh, a tha aithnichte an-diugh mar Taigh-tasgaidh Sluagh na Gàidhealtachd.
Bha Isabell Burton MacKenzie a' siubhal tro na h-Eileanan an Iar le Kodak bheag, 's i a' cumail leabhar-là mu na bha i coimhead mu chuairt oirre.
Tha Cathy agus a h-aoighean a' togail air a sin agus an iomadh sgeulachd eile a tha an cois an taisbeanaidh.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Tue 3 Jan 202309:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 3 Jan 202322:25BBC Radio nan Gàidheal