
Clann 'icLeòid Dhùn Bheagain
Sgeulachdan is seanchasan à Caisteal Dhùn Bheagain, air an innse às ùr sa chaisteal fhèin. Stories and folklore surrounding Dunvegan Castle, told from within the castle walls.
'S iomadh sgeulachd agus naidheachd a thàinig thugainn thar na linntean mu chaistealan na Gàidhealtachd. Mar phàirt de Bhliadhna nan Sgeulachd, tha Coinneach Mac a' Ghobhainn a' tadhal air cuid dhiubh, gus seanchasan agus dàin mu chuid de na dùin ainmeil seo a chluinntinn.
'S ann an dachaigh Chlann 'icLeòid san Eilean Sgitheanach a tha sinn an-diugh - Caisteal Dhùn Bheagain. Àite eile a tha fo shèist le luchd-turais tron t-samhradh sa là a th' ann, ach a bha iomraiteach mar dhaingneachd Shìol Tormoid bho na Meadhan Aoisean.
Ag innse nan sgeulachdan tha Màiri Anna NicChoinnich, Fionnghal Nic an Aba, Pàdraig MacAsgaill, agus Dòmhnall MacCoinnich, le dàin agus òrain ainmeil Chlann 'icLeòid air an gabhail le Eilidh NicCarmaig. Bho mar a thagh prìosanach am bàs seach banais Leòdach, gu mar a chaidh am bratach-shìth a cur gu feum ann am blàran is teintean, 's iomadh seanchas a th' aig na Sgitheanaich fhathast mu thimcheall an dùin.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Mon 14 Nov 202215:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 16 Nov 202220:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 20 Nov 202210:00BBC Radio nan Gàidheal