
Dòmhnallaich Inbhir Garadh
Sgeulachdan à Caisteal Inbhir Garadh, seann dhachaigh Dòmhnallaich Ghlinne Garadh. Folklore from Invergarry Castle, the ancient home of the MacDonells of Glengarry.
'S iomadh sgeulachd agus naidheachd a thàinig thugainn thar na linntean mu chaistealan na Gàidhealtachd. Mar phàirt de Bhliadhna nan Sgeulachd, tha Coinneach Mac a' Ghobhainn a' tadhal air cuid dhiubh, gus seanchasan agus dàin mu chuid de na dùin ainmeil seo a chluinntinn.
Tha an caisteal bhon cluinn sinn an-diugh na thobht, air a leagail gu làr leis an Airm Dhearg às dèidh Bliadhna Theàrlaich. Ach bha Caisteal Inbhir Garadh aig aon àm cho dìonach, làidir, ri caisteal sam bith eile air tìr mòr na Gàidhealtachd, is e na dhachaigh do Dhòmhnallaich Ghlinne Garadh.
Ag innse sgeulachdan bhon t-seann làrach sa tha Iain MacIlleChiar, Sophie Stephenson, Ruairidh MacIlleathain agus Eòghan MacEanraig - le Mairead NicIllFhialain agus Eòghan cuideachd a' gabhail cuid de na seann òrain ceangailte ris a' chinneadh.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Mon 21 Nov 202215:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 23 Nov 202220:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 27 Nov 202210:00BBC Radio nan Gàidheal