
Clann 'icRath agus Eilean Donnain
Sgeulachdan is seanchasan à Caisteal Eilean Donnain air an innse às ùr sa chaisteal fhèin. Stories and folklore surrounding Eilean Donan Castle told from within the castle walls.
'S iomadh sgeulachd agus naidheachd a thàinig thugainn thar na linntean mu chaistealan na Gàidhealtachd. Mar phàirt de Bhliadhna nan Sgeulachd, tha Coinneach Mac a' Ghobhainn a' tadhal air cuid dhiubh, gus seanchasan agus dàin mu chuid de na dùin ainmeil seo a chluinntinn.
A seo tha sinn aig Caisteal Eilean Donnain, àite a tha an-diugh air a chuairteachadh le luchd-turais - ach a bha aig aon àm, na dhaingneachd làidir do Chlann 'icRath agus Clann 'icChoinnich.
An cuideachd Màiri Sìne Chaimbeul, Magaidh Choineagan, Ciorstaidh Galloway agus Aonghais MhicCoinnich cluinnidh sinn cuid de na sgeulachdan agus am beul-aithris a tha a' cuairteachadh a' chaisteil. Gheibh sinn a-mach mar a chaidh ceannard nan Dòmhnallach a mharbhadh leis an t-saighead mu dheireadh aig luchd-dìon MhicRath, mar a bha cainnt nan eun aig ciad triath a' chaisteil agus iomadh naidheachd annasach agus inntinneach eile.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Mon 7 Nov 202215:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 9 Nov 202220:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 13 Nov 202209:30BBC Radio nan Gàidheal