
MacIllEathain Chaisteal Dhubhairt
Sgeulachdan is beul-aithris mu Chaisteal Dhubhairt ann am Muile, air innse sa chaisteal. Coinneach Smith is in Duart Castle in Mull to explore the island's history and folklore.
'S iomadh sgeulachd agus naidheachd a thàinig thugainn thar na linntean mu chaistealan na Gàidhealtachd. Mar phàirt de Bhliadhna nan Sgeulachd, tha Coinneach Mac a' Ghobhainn a' tadhal air cuid dhiubh, gus seanchasan agus dàin mu chuid de na dùin ainmeil seo a chluinntinn.
Anns an dàrna prògram san t-sreath tha e aig Caisteal Dhubhairt ann am Muile, dachaigh Chlann 'illEathain Mhuile. 'S iomadh sgeulachd agus dàn a tha a' cuairteachadh eachdraidh an togalaich; bho na Doideagan Muileach, bana-bhuidsich air leth cumhachdach agus cunnartach a bha bàigheil do na Leathanaich, gu Sgeir na Baintighearna agus casaidean muirt oillteill. Gan innse dhuinn tha Alasdair MacIlleBhàin, Seònaid NicDhòmhnaill, Cailean Moireasdan agus Gwen NicGuaire.
Last on
Broadcasts
- Mon 31 Oct 202215:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 2 Nov 202220:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 6 Nov 202210:00BBC Radio nan Gàidheal