
MacNèill Bharraigh agus Caisteal Chiosmuil
Sgeulachdan is beul-aithris mu Chaisteal Chiosmuil am Barraigh air innse sa chaisteal. Coinneach Smith is in Kisimul Castle in Barra to hear its folklore and stories from islanders.
'S iomadh sgeulachd agus naidheachd a thàinig thugainn thar na linntean mu chaistealan na Gàidhealtachd. Mar phàirt de Bhliadhna nan Sgeulachd, tha Coinneach Mac a' Ghobhainn a' tadhal air cuid dhiubh, gus seanchasan agus dàin mu chuid dha na dùin ainmeil seo a chluinntinn.
Anns a' phrògram sa tha e aig Caisteal Chiosmuil ann am Barraigh, seann dachaigh Chlann 'icNèill Bharraigh. Eadar mar a chaidh na Lochlannaich mu dheireadh a spadadh, neo mar a fhuair an caisteal ainm, tha gu leòr sgeulachdan à beul-aithris an eilein ri chluinntinn. Gan innse tha muinnir an eilein - Claire Frances NicNèill, Eòghan MacLeòid, Lisa NicNèill, Flòrag NicNèill agus Iain Beggs.
Last on
Eòghan MacLeòid, Lisa NicNèill agus Claire Frances NicNèill

Broadcasts
- Mon 24 Oct 202215:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 26 Oct 202220:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 30 Oct 202210:00BBC Radio nan Gàidheal