
19/10/2021
Lèirmheas air prògram Panorama, Online Abuse: Why Do You Hate Me? Review of Panorama programme Online Abuse: Why Do You Hate Me?
Lèirmheas air prògram Panorama, a' deasbad mar a tha ana-cainnt air-loidhne an aghaidh bhoireannach a' meudachadh. Gheibh sinn beachd bho Joy Dunlop agus Catriona Mhoireach a tha air càineadh agus droch-bheul fhulang air-loidhne.
Tha Jim Ratcliffe, leis a bheil ionad peatro-ceimigeach ann an Inbhir Grainnse, air ainmeachadh gu bheil e a’ dol a thogail factaraidhean haidridean sa Ghearmailt, sa Bheilg agus ann a Nirribhidh. Mìnichidh Murchadh Moireach an suidheachadh sa bheil gnìomhachas haidridean ann an Alba.
Cluinnidh sinn bho Bharabra NicGriogair mun na prionnsabalan air cùlaibh a' chompanaidh Greencity ann an Glaschu, companaidh a tha air a riuth le co-chomunn luchd-obrach agus a tha a' reic stuth a tha air a dhèanamh à lusan a-mhàin.
Agus innsidh Aonghas Pàdraig Caimbeul dhuinn gur ann air an t-seachdain seo ann a 1961 a chaidh factaraidh ghloinne Ghallaibh a stèidheachadh.
Last on
Broadcasts
- Tue 19 Oct 202109:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 19 Oct 202121:00BBC Radio nan Gàidheal