
20/10/21
Eachdraidh na Fenwick Weavers. The history of the Fenwick Weavers.
Tha prìomh-chùirt Nirribhidh air comhairleachadh gu bheil dà thuathanas-gaoithe a’ dèanamh cron air buachaillean rèin-fhiadh bho sluagh na Sami oir gu bheil iad stèidhichte air làrach far a bheil na beathaichean gan cumail. Tha Màiri NicNèill Lande a' mìneachadh mar a chaidh leis a' chùis sa chùirt.
Tha sluagh tùsanach Anishinaabe cuideachd air a bhith ag iomairt an aghaidh pròiseact a tha stèidhichte far a bheilear a' fuireach ann an Alberta, an Canada. Chaidh pìob ola a thogail a tha cha mhòr deiseil a-nis. Innsidh Iain Mac a' Phearsain mun strì aca an aghaidh a' chompanaidh ola.
Bheir Iain MacAmhlaigh dhuinn eachdraidh na Fenwick Weavers, a' chiad buidheann co-chomunn luchd-obrach a chaidh a stèidheachadh a-riamh.
Agus tha Màiri Anna NicUalraig agus Brian O h-Uiginn a' dèanamh luaidh air an neach-ciùil Èireannach Paddy Moloney.
Last on
Clip
![]()
Coinneach MacÌomhair 201021: An Uinneag Bheag aig Dòmhnall
Duration: 07:12
Broadcasts
- Wed 20 Oct 202109:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 20 Oct 202121:00BBC Radio nan Gàidheal
