
08/09/21
Sùil air co-labhairt Ceòlas 2021. A look at the Ceòlas Symposium 2021.
Chaidh an co-labhairt aig Ceòlas a chumail air-loidhne Dihaoine. Cha do chuir sin stad orra ge-tà ‘s cruinneachadh de dhaoine a’ coimhead agus ag èisteachd ri sreath de dh’òraidean agus còmhraidhean a’ coimhead air Gàidhlig ann an Uibhist eadar na ginealaichean, le eòlas sgoileireil agus ionadail. Gheibh Coinneach facal le Gillebrìde MacIlleMhaoil, Mairi NicAonghais, an Dr Will Lamb agus an t-Àrd-ollamh Wilson Macleòid.
Aig deireadh na seachdain thathas a' comharrachadh 20 bliadhna bho thachair 9/11 agus tha cothrom eile againn èisteachd ri sgeulachd phearsanta Iain MhicLeòid is e a' cuimhneachadh air an latha sin is e ann a New York.
Tha cruinneachadh Burrell, an taigh-tasgaidh taobh a-muigh Ghlaschu, a' fosgladh a-rithist sa Mhàirt an-ath-bhliadhna. Chaidh an taigh-tasgaidh a dhùnadh fo chionn còig bhliadhna airson ùine a thoirt dhaibh obair dheatamach a dhèanamh air an togalach. An-diugh à tasglann Radio nan Gàidheal cluinnidh sinn mar a fhuair Coinneach agus aoighean cothrom tadhal air cruinneachadh Burrell mus do dhùin e ann a 2016.
Last on
Broadcasts
- Wed 8 Sep 202109:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 8 Sep 202121:00BBC Radio nan Gàidheal