
07/09/2021
Eachdraidh Seann Àrd-eaglais Inbhir Nis. The history of the Old High Church in Inverness.
Fon aonta ùr eadar Am Pàrtaidh Nàiseantach agus Am Pàrtaidh Uaineach, tha gealladh ann co-dhiù aon Phàirc Nàiseanta a stèidheachadh san ath sheisean aig Holyrood. Tha Ryan Dziadowiec a' mìneachadh dè a th' ann am Pàirc Nàiseanta.
Tha co-dhiù 30% de sheòrsachan craoibh ann an cunnart a dhol à bith. Tha Calina NicDhòmhnaill a' beachdachadh air na h-adhbharan airson seo agus air dè as urrainn dhuinn a dhèanamh ann an Alba airson craobhan a dhìon.
Seach gu bheilear a’ bruidhinn air Seann Àrd-eaglais Inbhir Nis a reic, tha an neach-naidheachd Pàdraig MacAmhlaigh a’ toirt sùil air eachdraidh na h-eaglaise.
Tha an riaghaltas ann an Sasainn a’ bruidhinn air àrdachadh a dhèanamh air na thathas a’ pàigheadh de dh' Àrachas Nàiseanta, 's tha Iain Caimbeul còmhla ri Coinneach airson innse gu dè dìreach a th' ann an Àrachas Nàiseanta.
Tha Aonghas Pàdraig Caimbeul a' toirt dhuinn eachdraidh-beatha a' bhàird, Ùisdean MacDiarmaid.
Last on
Broadcasts
- Tue 7 Sep 202109:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 7 Sep 202121:00BBC Radio nan Gàidheal