
02/09/21
Leabhar ùr le bàrdachd a sgrìobh Fred MacAmhlaigh. Publication of a new book featuring Fred MacAulay's poetry.
Tha coltas ann gum bi cungaidh-leighis ùr do dhaoine air a bheil coileastarail àrd ri fhaighinn tro Sheirbheis na Slàinte ann an Sasainn agus sa Chuimrigh a dh’aithghearr an dèidh do chomataidh slàinte NICE a mholadh mar leigheas èifeachdach. Tha an Dotair Andar Gunneberg air a bhith ag obair ann an Swansea airson mòran bhliadhnachan le euslaintich air a bheil coileastarail àrd neo tinneas an t-siùcair.
Bha dlùth cheangal aig ainm Fred MacAmhlaigh ri craoladh Gàidhlig ach 's e bàrd a bh' ann cuideachd. Tha rannan Fred còmhla airson a' chiad turas san leabhar Fear De Mhuinntir Sholais, deasaichte le a nighean Lindsay agus air fhoillseachadh le Acair. Tha Coinneach a' bruidhinn ri Bill Innes a chuir tionndadh Beurla orra agus ri Jo NicDhòmhnaill a sgrìobh ro-ràdh san leabhar.
Tha Iain MacAonghais ag innse mu pheatral ùr a tha nas fheàrr airson an àrainneachd; connadh air a bheil E10.
Agus le co-labhairt Cheòlais a' gabhail àite air-loidhne a-màireach, cothrom èisteachd a-rithist ri turas a ghabh Coinneach a dh' Uibhist a Deas mar phàirt de thachartas Ceòlas ann an 2018.
Last on
Broadcasts
- Thu 2 Sep 202109:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 2 Sep 202121:00BBC Radio nan Gàidheal