Main content
Sorry, this episode is not currently available

3/4 Teine

Sùil air na h-eileamaidean a tha bunaiteach dhar beatha. An-diugh 's e teine a th' againn. A look at the classical elements of the universe, continuing today with fire.

Bha na seann Ghreugaich a' cumail a-mach gu robh ceithir eileamaidean a bha bunaiteach dhar beatha - èadhar, uisge, teine agus talamh.

A seo tha sinn a' faighinn beachdan agus smuaintean dhaoine air teine. Nam measg tha an Dr Iain MacAonghais a' mìneachadh mar a bhiodh na seann Ghàidheil a' smàladh an teine agus a' cur thuige an teine às ùr; tha Iain Macleòid ag innse mar a chaidh an taigh aca na theine agus tha Zena Nicoll a' dèanamh dealbh air mar a bhuail dealanaich an taigh aca nuair a bha i òg.

Tha Dòmhnall Macleòid, a bha na fhear smàlaidh, a' bruidhinn mun chunnart a th' ann an teine agus tha Catrìona Lexy Chaimbeul a' toirt iomradh air cho mòr 's a tha cleasan-teine Dhùn Èideann aig àm na Bliadhn' Ùire a' cordadh rithe.

Chaidh am prògram a chraoladh an toiseach ann an 2003.

30 minutes

Last on

Sun 25 Jul 202113:00

Broadcasts

  • Mon 19 Jul 202112:00
  • Mon 19 Jul 202122:00
  • Sun 25 Jul 202113:00