
2/4 Uisge
Sùil air na h-eileamaidean a tha bunaiteach dhar beatha. An-diugh 's e uisge a th' againn. A look at the classical elements of the universe, continuing today with water.
Bha na seann Ghreugaich a' cumail a-mach gu robh ceithir eileamaidean a bha bunaiteach dhar beatha - èadhar, uisge, teine agus talamh.
A seo tha sinn a' faighinn beachdan agus smuaintean dhaoine air an uisge a tha dhar cumail beò. Nam measg tha an Dr Iain MacAonghais a' mìneachadh cho cudromach 's a tha uisge ann an dualchas nan Gàidheal leis an iomadh facal eadar-dhealaichte a th' againn airson uisge agus mar a tha e a' nochdadh ann am bàrdachd agus ann a rannan; tha Seumas MacLetchie ag iasgach an Uibhist a Tuath 's e g innse mun tlachd a tha e a' faighinn à bhith muigh le slat agus tha Bill Innes a bha na phìleat a' toirt iomradh air na sgòthan agus mar a tha aid a' toirt buaidh air itealain.
Chaidh am prògram a chraoladh an toiseach ann an 2003.
Last on
Broadcasts
- Mon 12 Jul 202112:00BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 12 Jul 202122:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 18 Jul 202113:00BBC Radio nan Gàidheal