
Dè na leabhraichean bu choir dhuinn a bhith leughadh an-dràsta
Am biodh sibhse ag iarraidh ealain a cheannach air loidhne? Would you be comfortable buying art online? bbc.co.uk/feasgar
Tha sinn cleachdte gu leòr a bhith a’ ceannach stuth air loidhne ach leis na bacaidhean a th' oirnn an-dràsta, dè mu dheidhinn a bhith a’ ceannach obair ealain air loidhne? Tha Sandra Mhoireach còmhla rinn gus sùil a thoirt air a’ ghnìomhachas seo.
Chan eil e na iongnadh gu bheil an àireamh de leabhraichean a tha sinn ceannach air a dhol suas gu mòr bho chionn ghoirid. Chan eil càil coltach ri deagh leabhar is deagh sgeulachd airson ùine a chuir seachad nuair a tha sinn a-staigh. Ann an sreath ùr, cluinnidh sinn bho Mark Wringe agus aoighean eile mu na leabhraichean a tha iadsan a' leughadh an-dràsta agus na mòlaidhean aca airson leabhraichean ùra.
Tha an t-eòlaiche siubhail Daibhidh Byrne còmhla rinn gus sùil a thoirt air na còirichean a th' againn a thaobh siubhal agus a bhith a’ cuir air dòigh tursan san àm ri teachd. Cuideachd cluinnidh sinn bho Ramsay McMahon mu dheidhinn na trioblaidean a th' air a bhith aige fhèin agus an teaghlach bhon a bha aca ris an turas aca a chuir dheth. bbc.co.uk/feasgar
Last on
Music Played
![]()
Blossoms
Romance Eh?
![]()
Seafret
Magnetic
![]()
Camera Obscura
I Don't Do Crowds
![]()
Niall Horan
Bend The Rules
![]()
Josh Garrels
Morning Light
Broadcast
- Thu 16 Apr 202012:30BBC Radio nan Gàidheal
