
An Teàtar Nàiseanta a' tabhann deilbh-chluich air an eadar-lìon airson a' chiad uair a-riamh
An Teàtar Nàiseanta a' tabhann deilbh-chluich air an eadar-lìon. National Theatre Live free performances go on stream. Lunchtime music and chat with Cathy MacDonald.
Dè na rudan as annasaiche a nochd air na meadhanan sòisealta an t-seachdainn sa, 's an rìoghachd gu lèir glaiste a-staigh? Tha Calum MacConaill air a bhith gan trialladh 's bidh a thaghadh fhèin aige.
Cluinnidh sinn bho aoighean mun bhuaidh a tha cùisean a' toirt air am beatha laitheil 's air am beatha phearsanta.
Bha an cothrom ga thoirt do dhaoine a-raoir, airson a' chiad uair riamh, dealbh-chluich bhon Teàtar Nàiseanta fhaicinn am broinn an taighe air You Tube. Eadar seo agus deireadh a' Chèitein bidh dealbh-chluich eadar-dhealaichte ga shealtainn gach oidhche Dhiardaoin. Tha an Teàtar Nàiseanta air seo a dheèanamh ri linn a' Chòrona-Bhìorais, 's gum faigh daoine air deilbh-chluich fhaicinn ged a bhiodh a h-uile h-àite dùinte. Bha an sgrìobhaiche Catriona Lexy Chaimbeul ga choimhead agus Stiùriche Ealain a' chompanaidh Theatre Gu Leòr, Muireann Kelly.
B'fheudar do Theatre Gu Leòr an dealbh-chluich aca fhèin MAIM, a leigeil seachad aig toiseach cuairt nàiseanta. Bidh Muireann ag innse mun bhuaidh a bh' aig a sin orra mar sgioba agus mu dè a ghabhas a dhèanamh nuair a bhios cùisean seachad.
Ceòl bho Maddie Medley, Walk Off The Earth, Bright Eyes is eile.
www.bbc.co.uk/feasgar
Last on
Music Played
![]()
Walk off the Earth & gnash
Nicknames
![]()
The Coral
Dreaming Of You
![]()
Maddie Medley
Buzz
![]()
John Legend
Actions
![]()
The Weeknd
Blinding Lights
![]()
Hiss Golden Messenger
My Wing
Broadcast
- Fri 3 Apr 202012:30BBC Radio nan Gàidheal
