
Mar a dh'fhaodadh bàrdachd a bhith na thaic aig amannan duilich
Cofhurtachd bho bhàrdachd agus mar a tha thu a' tarraing bàrdachd ri chèile? Can poetry provide comfort during times like these? Music and chat with Cathy MacDonald.
Bheir bàrdachd cofhurtachd dhuinn aig àm dhen t-seòrsa seo. Sin a thuirt Sàr Bhàrd Bhreatainn, Simon Armitage an t-seachdainn s', 'is e ag ràdh gu bheil bàrdachd a' toirt air daoine iad fhèin a shocrachadh agus a bhith a' meòrachadh.
An-diugh , tha sinne toirt sùil air saoghal nam bàrd fhèin. Dè bhios gam brosnachadh gus peann a chuir ri paipear, cò as a tha 'd a' faighinn smuaintean agus ciamar a tha 'd a' toirt cruth orra?
Tha sgrìobhaichean 's dòcha beagan air thoiseach air càch aig an àm seo, 's iad eòlach air a bhith ag obair leòtha fhèin. Ciamar a tha iadsan a’ dèiligeadh ris a seo agus am feum nàdar sònraichte a bhith agad air a shon?
Cluinnidh sinn bho dhiofar dhaoine a tha air rudan a sgrìobhadh, gu h-àraid bàrdachd sa Ghàidhlig. Gheibh sinn a-mach mar a tha iad fhèin a’ faighinn air adhart glaiste a-staigh. Ciamar a tha an obair aca air atharrachadh thairis air na seachdainean a dh'fhalbh agus dè an seòrsa comhairle a bheireadh iad air daoine a tha aig an taigh agus an dùil rudeigin a sgrìobhadh?
Ceòl bho Belle & Sebastian, Florence & The Machine, The Verve is eile.
www.bbc.co.uk/feasgar
Last on
Music Played
![]()
Belle and Sebastian
Wrapped Up in Books
- (CD Single).
- Virgin.
![]()
Florence + the Machine
Never Let Me Go
- Ceremonials.
- Island.
- 1.
![]()
Ellie Goulding
Your Song
![]()
The Beautiful South
Song For Whoever
![]()
Dolly Parton
Here You Come Again
![]()
Ed Sheeran
Thinking Out Loud
![]()
Bear’s Den
Broken Parable
Broadcast
- Thu 2 Apr 202012:30BBC Radio nan Gàidheal
