
Na leabhraichean as fheàrr le Dòmhnall Ruadh Mac a' Ghobhainn agus Teàrlach Wilson
Anna Nicleòid a’ còmhradh ri dithis mu na leabhraichean as fheàrr leotha. Anna Macleod in conversation with two guests about their favourite books.
Ann a Leugh Mi tha Anna Nicleòid a’ còmhradh ri dithis gach seachdain mu na leabhraichean as fheàrr leotha. 'S iad agus Dòmhnall Ruadh Mac a' Ghobhainn agus Teàrlach Wilson a tha a’ taghadh nan leabhraichean an-diugh.
Tha sgeulachdan bho fìor sheann dhualchasan a' nochdadh ann an roghainnean leughaidh an dithis a thuilleadh air ficsean nas ùire agus sgrìobhadh cèin.
Bha a Niseach, Dòmhnall Ruadh Mac a' Ghobhainn a' sàs sa chiad bhuidhean theatar Gàidhlig, Fir Chlis; bha e uaireigin ann a bhidio ciùil le Runrig, agus bha e anns an drama Machair air telebhisean.
Thogadh Teàrlach Wilson ann am Pàislig agus ann an Swansea, chuir e seachad ùine ann a Venice agus anns a' Pholainn agus tha e a' teagasg ann an Oilthigh Dhùn Èideann far am bheil e cuideachd ag obair air ceum PhD.
Agus tha iad air leabhar a mholadh dha chèile airson a leughadh. Ach saoil de ’m beachd a ghabh iad air molaidhean a chèile?
Last on
Broadcast
- Sun 15 Dec 201913:00BBC Radio nan Gàidheal