
Tommy MacAsgaill agus Mìcheal Hill
Anna Nicleòid a' còmhradh ri dithis neach mu na leabhraichean as fheàrr leotha. Anna Macleod talks with two guests about their favourite books.
Ann an Leugh Mi tha Anna Nicleòid a' còmhradh ri dithis neach mu na trì leabhraichean as fheàrr leotha agus a' faighinn a-mach barrachd mum beatha.
Anns a' phrògram mu dheireadh dhen t-sreath bidh Tommy MacAsgaill, a thogadh san Eilean Sgitheanach ach a tha an-diugh a' fuireach ann an Lunnainn, a' bruidhinn mu na ùirsgeulan as fheàrr leis, eadar Daphne du Maurier agus Stephen King. Cluinnear cuideachd mun sgrìobhadh aige fhèin airson an àrd-ùrlar.
Tha Mìcheal Hill cuideachd a' fuireach ann an Lunnainn agus tha an obair aigesan cuideachd ga thoirt am measg actairean. Bidh e a' bruidhinn cuideachd air an leabhar a thug air cùrsa a bheatha atharrachadh gu tur!
A bharrachd air bruidhinn mu na leabhraichean as fheàrr leotha, tha gach duine air aon dhiubh sin a mholadh dha chèile airson a leughadh agus gheibh sinn a-mach anns a' phrògram co-dhiù an do chòrd na leabhraichean riutha no nach do chòrd!
Last on
Broadcasts
- Thu 18 Aug 201612:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 18 Aug 201622:10BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 21 Aug 201609:30BBC Radio nan Gàidheal