
Shona NicEanraig agus Iain Tormod MacDhòmhnaill
Anna Nicleòid a' còmhradh ri dithis neach mu na leabhraichean as fheàrr leotha. Anna Macleod talks with two guests about their favourite books.
Ann a Leugh Mi bidh Anna NicLeòid a' còmhradh ri dithis neach mu na trì leabhraichean as fheàrr leotha agus a' faighinn a-mach barrachd mum beatha.
An t-seachdain seo gheibh sinn beachd bho Shona NicEanraig air dè a bha i a' leughadh na h-òige anns Na Hearadh agus mun leabhar a stiùir i gu mullach iomadach beinn ann an Alba.
Thogadh Iain Tormod MacDhòmhnaill anns Na Hearadh cuideachd ach bidh e ag innse cuideachd mun ùine a chuir e seachad air Kibbutz ann an Israel agus mun ùidh a th' aige ann an eachdraidh nan Gàidheal ann an Ameireaga.
A bharrachd air bruidhinn mu na leabhraichean as fheàrr leotha, tha gach duine air aon dhiubh sin a mholadh dha chèile airson a leughadh agus gheibh sinn a-mach anns a' phrògram co-dhiù an do chòrd na leabhraichean riutha no nach do chòrd!
Last on
More episodes
Broadcasts
- Thu 11 Aug 201612:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 11 Aug 201622:10BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 14 Aug 201609:30BBC Radio nan Gàidheal