
Na leabhraichean as fheàrr le Rosemary Ward agus Ben Ó Ceallaigh
Anna Nicleòid a’ còmhradh ri dithis mu na leabhraichean as fheàrr leotha. Anna Macleod in conversation with two guests about their favourite books.
Ann a Leugh Mi tha Anna Nicleòid a’ còmhradh ri dithis gach seachdain mu na leabhraichean as fheàrr leotha. 'S iad Rosemary Ward agus Ben Ó Ceallaigh a tha a’ taghadh nan leabhraichean an-diugh.
Am measg nan leabhraichean tha poileataigs cànain agus geo-poileataigs, stòiridhean èibhinn agus ficsean òigridh agus abair gu bheil pailteas de shàr sgrìobhadairean Gàidhlig againn dhuibh.
Tha ceangal laidir aig Rosemary Ward le leabhraichean oir tha i air bliadhnaichean a chur seachad ag obair dha Comhairle nan Leabhraichean Gàidhlig agus a-nis tha i nis ag obair dhan Scottish Book Trust.
Buinidh Ben Ó Ceallaigh do thaobh siar na h-Eireann, tha e na oileanach a' coimhead ri ath-bheothachadh chànain, agus tha poleataigs an cois cànain air leth cudromach dha.
Agus tha iad air leabhar a mholadh dha chèile airson a leughadh. Ach le roghainnean leughaidh uabhasach eadar-dhealaichte de ’m beachd a ghabh iad air molaidhean a chèile?
Last on
Broadcast
- Sun 22 Dec 201913:00BBC Radio nan Gàidheal