
Biadh airson àm an t-samhraidh
Tha Alasdair MacLeòid air a bhith trang anns a' chidsin ag ullachadh biadh a tha freagarrach airson àm an t-samhraidh. Alasdair Macleod with recipes for the summer.
Dè a thig às a' mhì-rian ann a Hong Kong an aghaidh riaghaltas Shìona ? Gheibh sinn beachd an neach-gnìomhachais, Fearchar MacFhionghuinn, a tha mion-eòlach air gach dùthaich.
A bheil e ceart sgioba ball-coise a' Ghearasdain ainmeachadh mar an sgioba as miosa ann am Breatainn? Dè dha-rìribh as coireach nach eil iad a' dèanamh adhartais agus gu bheil cùisean cho truagh? Bruidhnidh sinne ri triùir anns a' Ghearasdan a th' air a bhith a' leantainn an sgioba thar nam bliadhnaichean - Calum Mac a' Ghobhainn, Donaidh Caimbeul agus Niall MacLeòid.
Chruinnich A' Chòmhdhail Cheilteach Eadar-nàiseanta ann am Bangor an ceann a tuath na Cuimrigh an t-seachdain sa chaidh, agus iomadh òran agus cuspair dha dheasbad aig na sgoilearan Ceilteach. Nam measg bha an Dr Aonghas MacChoinnich agus cluinnidh sinn mun òraid a rinn e air eachdraidh malairt-sprèidh air a' Ghàidhealtachd.
Tha Alasdair MacLeòid air a bhith trang anns a' chidsin ag ullachadh biadh a tha freagarrach airson àm an t-samhraidh.
Last on
Broadcasts
- Wed 31 Jul 201909:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 31 Jul 201921:00BBC Radio nan Gàidheal
