
30/07/2019
Còig bliadhna fichead bho chaidh Ross County agus Caley Thistle dha na lìogan mòra.
Twenty-five years since Ross County and Caley Thistle joined the professional league.
Tha còig bliadhna fichead bho chaidh na sgiobaidhean ball-coise aig Ross County agus Caley Thistle a-steach dha na lìogan mòra. Bruidhnidh sinn ri trìuir de luchd leanntainn, Padruig MacAmhlaigh, Dòmhnall Moireasdan agus Aonghas Moireasdan mu mar a chaidh seo a choileanadh agus na dùbhlain a tha air a bhith ann thar nam bliadhnaichean.
Bheir Murchadh Peutan dhuinn eachdraidh beatha an innleachdair Darren Warren a chruthaich an inneal-clàraidh iteal no am bucas dubh a tha an-diugh stèidhte anns a h-uile plèana.
Cluinnidh sinn mun òraid a rinn Tommy Dòmhnallach air Dualchas nam Ban aig co-labhairt Ceòlas an t-seachdain sa chaidh.
Agus a' leantainn orra le turas ann an sgìre an Aghaidh Mhòir tha Coinneach agus Seumas Grannd a' toirt sùil mu chuairt baile Beglan anns a' Ghleann Mhòr, Sràth Spè a tha an-diugh bàn.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Tue 30 Jul 201909:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 30 Jul 201921:00BBC Radio nan Gàidheal