Main content
Sorry, this episode is not currently available

Air chèilidh tha Eilidh NicChoinnich

Air chèilidh, tha Eilidh NiChoinnich à sgìre Bhac ann an Leòdhas. John Carmichael is joined by singer Eilidh MacKenzie from Back, Lewis. Eilidh works for Fèisean nan Gàidheal.

Dà uair a thìde de chòmhradh agus ceòl air leth còmhla ri Iain Mac'illeMhìcheil, a' craoladh beò à Glaschu. An t-seachdain sa, bidh sinn a’ cur fàilte air Eilidh NicChoinnich, bhon teaghlach cliùteach de sheinneadairean à baile Ghriais ann an sgìre Bhac, Eilean Leòdhais. Tha Eilidh an-diugh ag obair do Fèisean nan Gàidheal.
Bha athair Eilidh, Rodney MacCoinnich aithnichte mar neach-ciùil a stèidhich agus a stiùir còisirean anns na h-Eileanan fad bliadhnaichean, a bharrachd air a bhith na thidsear ciùil. Bhiodh Eilidh agus a peathraichean Gillian agus Fiona riamh a seinn, an dà chuid leotha fhèin agus sa chòmhlan, MacKenzie.
Tha Eilidh an-diugh a' fuireach san Eilean Dubh far an do thog i fhèin san duine aice ceathrar chloinne. Na h-obair aig Fèisean nan Gàidheal, bhiodh i a' ruith bùithtean-obrach air feadh na sgìre mar oide ciùil mus deach a stèidheachadh na manaidsear aig a bhuidheann, a' coimhead às dèidh Fèisgoil.
Cluinnidh sinn seanchas Eilidh, agus ceithir roghainnean ciùil pearsanta. Mar as àbhaist cuideachd, bidh measgachadh math de sheinneadairean is còmhlain aig Mac'illeMhìcheil fhèin dhuinn. Tha iad sin uile air an taghadh eadar Country, Americana is ceòl traidiseanta, le seann òrain agus feadhainn a tha buileach ùr air an clàradh.

2 hours

Music Played

  • Trail West

    Donald Meek's

  • Train & Ashley Monroe

    Bruises

    • California 37.
    • Columbia.
    • 1.
  • Carlene Carter

    Nowhere Train

  • Thomas Rhett

    Remember You Young

  • Mackenzie

    Ailean Dubh À Lochaidh

  • Vince Gill

    Me And My Girl

  • Michael Marra

    General Grant's Visit To Dundee

    • Gaels Blue.
    • Eclectic Records.
  • The Willis Clan

    What Can I Say

  • Darius Rucker

    Southern Style

  • Eilidh Cormack

    Iain Ghlinn Cuaich

    • The Bard's Tale - Barrows Deep.
    • Heist Records.
    • 015.
  • Buford Pope

    Hard Life

  • Courtney Marie Andrews

    Not The End

  • Rod MacKenzie, Kenny MacKenzie, Marlene Sutherland & Joanie Sutherland

    An t-Eilean Muileach

  • Rose Maddox

    Tall Man

  • Donald Barker & Peigi Barker

    Something Different

  • The Infamous Stringdusters

    Starry Night

  • Tom T. Hall

    Fox On The Run

  • The Grascals

    Five Miles To Milan

Broadcast

  • Fri 5 Jul 201921:00