
Gaisgeach an MV Richmond Castle
Sgeulachd mu ghaisgeachd Aonghais Mhoirich à Siabost a bha air bòrd MV Richmond Castle.
Dramatic account of Angus Murray’s bravery after the sinking of MV Richmond Castle in 1942.
“O, Aonghais Mhoirich, a churaidh,
Chaidh d' ainm air feadh an taoibh tuath,
Mar neach a bhios maireann
San t-strì ri tonnan a’ chuain.”
Briathran às an òran a sgrìobh Dòmhnall Iain MacÌomhair mar chuimhneachan air Aonghas Moireach, Aonghas Goosaidh, à Siabost ann an Leòdhas.
‘S e strì ri tonnan a’chuain gu dearbh a bh’ ann an eachdraidh Aonghais aig àm an Dàrna Cogaidh. Air a’ cheathramh latha den Lùnastal 1942, ‘s e air bòrd an MV Richmond Castle, 700 mìle an iar air Newfoundland, chaidh am bàta aca a chur fodha le bàt'-aigeil Gearmailteach agus bha Aonghas, mar mheadhan air seachd duine deug dhen chriutha a shàbhaladh.
Rinn Aonghas seòl a’ cleachdadh plaideachan agus, le chuid èolais aig muir na òige ann an Leòdhas, fhuair e air an ràth a chumail air uachdar na fairge airson naoi latha gus an tàinig cobhair.
Chaidh am BEM a bhuileachadh air Aonghas airson a chuid gaisgeachd ann a 1942.
Cluinnidh sibh criomagan den chòmhradh a bh’ aig Ceitidh Anna NicChoinnich ri Aonghas ann a 1987 agus cuideachd na cuimhneachain th’ aig an nighean aige Rhoda air na bha i fhèin a' cluinntinn mu na rinn e. Ged a tha faisg air ceithir fichead bliadhna bho thachair e tha dlùth cheangal eadar teaghlaichean criutha an MV Richmond Castle.
Last on
Broadcasts
- Thu 21 Feb 201912:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 21 Feb 201922:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 24 Feb 201909:30BBC Radio nan Gàidheal
- Fri 27 Dec 201912:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 29 Dec 201914:30BBC Radio nan Gàidheal
