
Blackcurrant Rice Pudding
Tha Linda NicLeòid agus a caraidean a’ dèanamh mìlseag rus le raosaran-dubha. Linda is joined by Margaret Mary and Aneirin to make blackcurrant rice pudding.
Tha Linda NicLeòid a’ còcaireachd cuide ri a caraidean. Anns a’ phrògram seo tha Mairead Màiri agus Aneirin còmhla rithe agus iad ag ullachadh mìlseag rus le raosaran-dubha. Ach mus tòisich iad, feumaidh iad a bhith cinnteach gu bheil an stuth a tha a dhìth orra a-staigh. Mur a bheil, bidh iad a’ dèanamh liosta agus a’ dol dhan bhùth airson a h-uile càil fhaighinn.
Bidh Linda agus a caraidean cuideachd a’ faighinn a-mach ciamar a thathar a’ dèanamh sùgh raosar-dubh. Tha iad an uairsin a’ tilleadh dhan chidsin airson a’ mhìlseag rus ullachadh mus suidh iad sìos aig a’ bhòrd ga ithe.
Linda is joined by Margaret Mary and Aneirin to make blackcurrant rice pudding. Before they start cooking they have to ensure they have all the ingredients. If not, they make a list and go shopping.
They also learn more about how blackcurrant juice is made and then return to the kitchen to make the rice pudding, before sitting down to tuck in.
Air a chraoladh
Tuilleadh phrògraman
Roimhe
Air adhart
Mìlseag Rus le Raosaran-dubha

Mìlseag Rus le Raosaran-dubha
STUTHAN
250ml sùgh ubhail
50g rus mìlseig, neo arborio
40g raosaran-dubha
2 spàin mhòr de shiùcair
½ spàin bheag bun-stuth faoineig
Iarr air inbheach an àmhainn ro-theasachadh gu 220C/425F/Gas 7.
Dòirt an sùgh ubhail ann an soitheach a tha freagarrach airson àmhainn, agus an uair sin cuir an rus ann.
Ullaich na raosaran-dubha le bhith a’ toirt dhiubh stocain sam bith agus cuir dhan t-soitheach iad cuideachd.
Cuir an siùcar agus am bun-stuth faoineig ris a seo. Measgaich gu math le spàin agus cuir ceann air an t-soitheach neo còmhdaich le foidhle.
Cuir an soitheach air treidhe fuine agus iarr air inbheach a chur dhan àmhainn. Bruich airson 20 -30 mionaidean. Leig leis seasamh airson mu 10 mionaidean. Leig leis fuarachadh beagan mus ithear e.
Tha a’ mhìlseag seo math le uachdar.
Rice Pudding with Blackcurrants
INGREDIENTS
250ml/8fl oz apple juice
50g/2oz arborio rice
40g/1½oz fresh blackcurrants
2 tbsp sugar
½ tsp vanilla extract
METHOD
Ask an adult to preheat the oven to 220C/425F/Gas 7.
Pour the juice into the ovenproof dish, then add the rice.
Prepare the blackcurrants by pinching out any woody stalks before adding them to the ovenproof dish.
Add the sugar and the vanilla extract. Give the mixture a stir and put on the lid. Place on a baking tray.
You’ll need to ask a grown-up to help with this part. Cook for 20 minutes then leave to stand for at least 10 minutes with the lid on (the rice will carry on cooking). When the rice has cooled a bit, you can eat it!
This pudding is good with cream.
| Role | Contributor |
|---|---|
| Presenter | Linda MacLeod |
| Producer | Donald Macleod |
| Production Manager | Mairi Mackinnon |
- DiL 4 Gearr 201917:35
- DiC 6 Gearr 201917:15
- Dih 8 Gearr 201917:35
- DiD 10 Gearr 201916:40
- DiC 20 Cèit 202017:00
- DiS 23 Cèit 202016:15
- DiC 12 Lùna 202017:00
- DiS 15 Lùna 202016:20
- DiD 16 Lùna 202016:00
- DiL 28 Màrt 202217:25
- DiC 30 Màrt 202217:35
- DiC 14 Dùbh 202217:25
- DiC 23 Lùna 202317:15
- DiM 29 Lùna 202317:10
- DiC 15 Samh 202317:30
- DiD 19 Samh 202316:10
- DiM 21 Samh 202317:10
- DiC 10 Iuch 202417:00
- DiC 2 Dàmh 202417:00
