
Dè th’ ann an Urras a’ Phrionnsa?
Fiosrachadh mu na tha an carthannas Urras a’ Phrionnsa a’ dèanamh air feadh na dùthcha. Information on the activities of the Prince's Trust around the country.
Le co-latha-breith mòr a’ Phrionnsa Teàrlaich an-diugh, tha Coinneach a’ cluinntinn tuilleadh mu obair charthannais. Dè th’ ann an Urras a’ Phrionnsa, agus dè bhios iad a’ dèanamh?
Tha Maureen NicLeòid air a bhith a’ gabhail turas a New Orleans o chionn ghoirid, is am baile e fhèin a’ comharrachadh co-latha-breith. Le 300 bliadhna bho chaidh am baile a stèidheachadh, dè an seòrsa àite a th’ ann, agus a bheil buaidh a’ stoirm fhathast follaiseach?
Bidh Coinneach cuideachd a’ gabhail sgrìob dhan tasglann airson cluinntinn mun ghalair rabies, às dèidh do Bhreatannach bàsachadh leis a’ ghalair ann am Morocco o chionn ghoirid. Dè a’ bhuaidh a tha e a’ toirt air mac an duine agus beathaichean?
Agus mu dheireadh, le fathannan gur mathaid gum fàg a’ riaghaltas UNESCO, a’ bhuidheann dualchais eadar-nàiseanta, fios mun obair aca bho Chalum MacLeòid, a bha uair os an cionn ann an Alba.
bbc.co.uk/coinneach
Last on
Broadcasts
- Wed 14 Nov 201809:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 14 Nov 201821:00BBC Radio nan Gàidheal