
Carson a bhios cuid a’ càrnadh stuth?
Dè a tha a' fàgail nach tèid aig cuid a dhaoine air càil a shadail às?
Why do some people find it so difficult to throw anything out?
Chan eil fhios cia mheud prògram a th’ air an telebhisean an-dràsta mu bhith a’ sgioblachadh agus a’ glanadh thaighean salach, làn stuth. Ach carson a tha cuid a dhaoine cho dualtach stuth a chàrnadh, agus gun càil a shadail às? Agus aig a’ cheart àm, carson a tha cuid eile cho dualtach a h-uile càil a chuir a-mach leis a’ sgudal? Tha Coinneach a’ bruidhinn ri feadhainn aig a bheil cleachdaidhean gu math eadar-dhealaichte a thaobh stuth a chumail sna garaidsean agus anns na taighean aca!
Cuideachd sa phrògram, tha Coinneach a’ cluinntinn mun deasbad a tha a’ dol an-dràsta eadar Ceann-suidhe na Frainge agus Ceann-suidhe Ameireagaidh bho Sheònaid Boydell, a tha a’ fuireach anns a’ Fhraing.
Bidh Dòmhnall Iain Dòmhnallach a’ mìneachadh sgeulachd Bitcoin – airgead didsiteach a tha an-diugh gu math ainmeil agus a tha air fàs gu math luachmhor.
Agus tha Coinneach a’ gabhail sgrìob air ais dhan tasglann son èisteachd ri na seann chlàran vinyl aig Mal MacLeòid.
bbc.co.uk.coinneach
Last on
Broadcasts
- Thu 15 Nov 201809:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 15 Nov 201821:00BBC Radio nan Gàidheal